# started 2014-09-02T08:14:34Z "Air sgàth na h-eachdraidh geòlasaich a bh' aig Alba (coltach ris a' bhuaidh aig Linn na Deighe a bha air Nirribhidh agus Canada), tha pailteas eileanan aice, gu h-àraid air oirthir an iar. Faodar na h-eileanan Albannacha chur ann an trì grunnanan: Na h-Innse Gall agus Na h-Eileanan Siar (Eilean Fada) Na h-eileanan tuath: Arcaibh agus Sealtainn Deannag eilean air oirthir an ear agus ann an linnteachan nan aibhne mòr (An Linne Chluaidh, An Linne Foirthe agus An Linne Giùdain)."@gd . "'S e matamataig an t-eòlas a tha togte air bun-bheachdan a' mheud, an structair, an fhànais agus a' chaochlaidh, agus an sgoilearachd nan lùib. 'S e rannsachadh nam bun-bheachdan seo agus nan ceanglaichean eatorra a tha obair mhatamataichean. Thathar a' dèanamh feum de reasanachadh rianais gus co-dhùnaidhean a chur còmhla agus baralachasan ùra a dheasachadh 's a dhearbhadh."@gd . "Is ann an innleadaireachd am proifeasan a chuireas saidheans-nadurra an gniomh a chruthaich goireasan freagaireach ri feumalachdan dhaoine. Canar innleadair, neach-innlichidh neo (an Eireann) Innealtoir riu a tha a' sas ann.Is e freumh-fhacal de innleadair innlich, gniomhara a tha a' ciallachadh a bhi cruthachadh rudan as ur. Tha seo an co-mheas leis an fhacal Eireannach Innealtoir a tha steidhichte air an fhacal \"inneal\".A dh'aindeoin sin, Is e obair nan innleadair (neo na nInnealtoiri) a bhith ri dhealbhadh agus ri dhèanamh innlean agus/neo obraichean ùr a fhreagaireas ri feum an latha. Tha bunachar na proifeasan a' dol ar ais ri linn nan righ, nuair a bha \"innleadair\" na h-oifigear arm le eolas a thogail obraichean dionaidh agus ionnsaigh (meinichean mar eisimplir), comhla le innealan chogaidh- muilnean fudair is an leithid. Mu deireadh an 18mh linn chruthaich Iain Smeaton, an ceann iar na Sasainn, an stoidhle \"Civilian Engineer\", airson a fhein agus esan a' tairgse seirbhisean teicniuil, steidhichte air tuigse de feallsanachd-nadurra, anns an t-saoghal siobhalta- i.e. taobh a muigh laghan an arm. Bha seo co-aimsireil le toiseach de \"Car a' Mhuiltean a' Ghniomhacas\", agus lorg Smeaton agus na Luchd-Innlichidh a thanaig as an déidh feille airson na seirbhisean aca, an cruthachadh sgeamaichean airson canalaibh agus drochaidean comhla le rathaidean, taighean solais, muilnean-uisge agus obraichean meinearachd, mus an deach iad a-steachd, trath 's an 19mh linn, air innealaibh-stoith, rathaidean-iarrain agus roimhe deireadh an linn dealanachd agus conaltradh-dhealain. Anns an 20mh linn, chuir muileanean de innleadairean an saor-bheatha a-steachd ri leasaicheadh de reidio, itealanan, agus coimpiutairean, ged 's chaidh iad air ais cuideachd ri leasachadh de innealan chogaidh cumhachd-mhor gu leor a dheanamh milleadh air an t-saoghail. Cha mhòr nach eil innleadair air dealbhadh neo air dèanamh a h-uile rud a chleachdas sinn gach latha! Carbad? Is e innleadairean a dhealbh e. Rathad? Is e innleadair a dhealbh e. Drochaid? Is e innleadair a dhealbh i. Solas dhealain? Is e innleadair a dhealbh sin, agus an uidheam gu lèir a tha cruthachadh an dealain agus h-uile sian eile a bhitheas na ruith air dealan.Tuigsear gur e proifeasan ioma-fhillte a tha ann an innleadaireachd. Mar sin, 's an latha an diugh tha innleadaireachd roinnte eadar caochladh sgoiltean.Is iad na prìomh roinntean den phroifeasan: Innleadaireachd Shìobhalta: A ghabhas a-steachd obraichean a tha steidhichte air talmhuinn, mar eisimplir rathaidean, drochaidean, obraichean uisge. Is e sructur a tha anns gach ni de na h-obraichean seo. Innleadaireachd Mheiciniuil: A dheiligeas le innealaibh de gach seorsa.Inneal Mar eisimplir taosgairean, innealan fuaghail, tractaran, muilnean gaoithe. Innleadaireachd Dhealanachd: A ghabhas a-steachd uidheam de h-uile seorsa a ruitheas air dhealain. Mar eisimplir: muilnean-dhealain, loidhnicheachean dhealain, uidheam reidio agus fonaichean-laimhe."@gd . "Tha Pàrlamaid na h-Alba 'na pàrlamaid aig Alba is tha e ann am prìomh-bhaile na h-Alba, Dùn Èideann."@gd . "Tha Blàr Mac Faoilteach na chlachan croitearachd air an t-seann rathad cogail eadar An Gearasdan agus Ceann Loch Leamhain.Anns an 18mh linn, bha sluagh de 800 duine a' fuireach anns a' bhaile ach, mar a thachair air feadh na Gàidhealtachd,tha seo air crìonadh gu faisg air 50 an-diugh.Chaidh an t-alltan, Cioch Innis, a shruthas faisg air a' chlachan, a chleachdadh a dhèanamh dealan-uisge don chiad solas-sràid (anns a' Ghearasdan) ann an Alba.Ghlèidh Blàr Mac Faoilteach an Seann Bhliadhna Ùr gus na 1950an."@gd . "'S e Muile an treasa eilean Albannach as motha agus an t-eilean as motha ann an Earra-Ghaidheal. Tha e suidhichte ann an Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid.Tha Tobar Mhoire na phrìomh-bhaile air an eilean, agus is e Creag an Iubhar an dara.Tha Muile ri thaobh nan eileanan Eilean Idhe, Tioraidh, Ulbha agus Colla."@gd . "Tha an aiste seo a' bruidhinn mu dheidhinn socair (soccer), airson seòrsaichean eile - faic Còdaichean ball-coiseIs e spòrs buidheann poblach a th' ann am ball-coise. Gach latha, tha milleanan de dhaoine a' cluiche agus a' coimhead a' gheama. Is e buidheann riaghladh eadar-nàiseanta a' gheama FIFA (bho’n Fhraingis “Fédération Internationale de Football Association”) agus tha iad suidhichte ann an Zürich, An Eilbheis."@gd . "Is e Earra-Ghàidheal, no eàrr ('s e sin oirthir) nan Gàidheal, an ceàrn tùsail ann an Alba far an do shuidhich na Gaidheil. Mu dheireadh, dh'fhàs an tìr-imrich seo gu bhith an rìoghachd Dal Riada. Tha mòran làthairean ro-eachdraidheil ann, mar samplair aig Dùn Athad.Tha Earra-Ghàidheal a' gabhail a-staigh Earra-Ghàidheal Meadhanach, Latharna, na leth-eileanan Cinn Tìre agus Còmhall, agus na h-eileanan (Ìle, Diùra, Colbhasa, Muile, Giogha).Is iad na bailtean cudromach An t-Òban, Inbhir Aora, Ceann Loch Gilb, Dùn Omhain, agus Ceann Loch Chille Chiarain."@gd . "'S e teacsaichean sgrìobhte a tha ann an litreachas. Faodar ga roinn eadar sgrìobhaichean fìrinneach, mar eisimpleir aistean sna pàipearan-naidheachd agus leabhraichean saidheansail , agus an fheadhainn neo-fhìrinneach: rosg, bàrdachd agus dràma."@gd . "Is e An Gearasdan (Fort William sa Bheurla, ainmeachadh airson an Uilleam \"Orainds\") prìomh-bhaile Loch Abar agus, còmhla ris an Oban, aon de'n dà bhaile is mhotha anns an Iar-Ghaidhealtachd.Tha e na cheann-uidhe coiteanta airson làithean-saora agus, a' tighinn an dèidh Dùn Èideann, thatar ag ràdh gur e an dara ceann-uidhe turasachd ann an Alba. Bithidh sluagh a' bhaile a' dùblachadh as t-samhradh air sgàth uidhir a luchd-turais a bhitheas a' tighinn a-steach."@gd . "Tha camanachd no iomain, air a bhith ga cluich o chionn da mhìle bliadhna leis na Gàidheil. Thug a' chiad Ghàidheil an geam leatha a Èirinn nuair a rainig iad Dal Riata ann an linn Chaluim Chille. Tha iomain ga chleachadh mar gnìomhair cuideachd gu bitheanta anns a' Ghàidhlig. An àite a bhith ag radh \"Tha mi a' cluich camanachd\" no \"tha mi a' cluich iomain\", bithear ag radh \"Tha mi ag iomain\".Thèid iomain a chleachdadh cuideachd a thaobh a bhith a' trusadh sprèidh is caoraich."@gd . "Is e a tha ann an Ailtire, fear (neo té) a dhealbhas togalaichean. Chanar Ailtireachd ris an saor seo, agus measar anns an latha an diugh gur e ealdhain (proifeasan) a tha ann. Tha an stoidhle ailtire dìonta ann an lagh na h-Alba agus iomadh dùthchannan eile. Tha sin ri ràdh, nach faod neach sam bith a chumail a-mach gur e ailtire a tha ann mur eil e na bhall de comann ailtireachd proifeiseanta na tìre. Feumaidh do ailtirean a chumail ri riaghailtean proifeiseanta anns an obair acasan, an da chuid, a dhìon muinntir na dùthcha bho dhroch ailtireachd agus a dhìon deagh ainm na h-ealdhain.Tha eachdraidh na proifeasan seo ann an Eòrpa a' dol air ais ris na meadhan aoisean. B' e iadsan a ghin proifeasan na h-ailtireachd, mar a chì sinn i an diugh, na maighstir-clachairean a bha os cionn togail de Arosaibh (àrd-eaglaisean) eadar an 11mh cheud agus an t-Ath-Leasachadh anns an 16mh linn.Ged a tha ailtirean air a bhith ri dealbhachadh togalaichean cudthromach os cionn ceudan nan bliadhna, chan ann gu tric a bhiodh iad a dealbhachadh taigheadas prìobhaideach ach airson daoine air leth bheartach. Is ann mar sin (ann an Alba mar eisimpleir), chithear seann taighean-mòra nan uachdaran a chaidh air dealbhachadh a rèir stoidhlean, a bha fasanta 'san latha air feadh na h-Eòrpa, ach far a bheil taighean co-aimsireil nan daoine cumanta fhathast maireannach lorgar gu bheil na taighean beag seo a' leantainn cruth cumanta na sgìre. Mar is tric tha na stoidhlean ionadail seo a' comharrachadh, chan ann a-mhàin linn an togail ach an stuth togail a bha so-gheibhte gu saor anns an sgìre aig an àm."@gd . "Pàrtaidhean poilitigeachPàrtaidhean nan suidhe ann am Pàrlamaid na h-Alba:Pàrtaidh LàbarachPàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (PNA)Pàrtaidh Tòraidheachd na h-AlbaNa Libearalaich DheamocratachPàrtaidh Uaine na h-AlbaPàrtaidh Shòisealach na h-Alba (PSA) Pàrtaidh Sean Duine Aonachd na h-AlbaTha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a’ riaghladh na dùthcha ann an Riaghaltas.he:סקוטלנד#פוליטיקה"@gd . "'S e prìomh bhàrd Gàidhlig an fhicheadamh linn a bh' ann an Somhairle MacGill-Eain (26 an Dàmhair 1911, Òsgaig - 24 an t-Samhain 1996, Inbhir Nis). Dh' atharraich e saoghal bàrdachd na Gàidhlig gu tur nuair a dh'fhoillsich e Dàin do Eimhir ann an 1943. Tha an sreath bàrdachd seo a' suathadh air gaol, briseadh-cridhe, An Cuilthionn, Cogadh Sìobhalta na Spàinne, Ùisdean MacDhiarmaid, co-mhaoineas is nàiseantachas, uaireannan anns an aon dàn."@gd . "Coimpiutair Prògram (coimpiutair) Bathar-bog Bathar-cruaidhfr:Informatiqueia:Informaticaie:Informatica"@gd . "Airson am baile: Ealain, Siorrachd Obar Dheathain (Ellon)"@gd . "Whisky Galore Star Wars (Cogadh nan Rionnag) The Godfather Lord of the Rings (Tighearna nam Fainne) The Fox and the Hound The Rescuers Oliver & Company Dumbo Bambi"@gd . "'S i cànan dùthchasach na h-Alba a th' anns a' Ghàidhlig. 'S i ball den teaghlach de chànanan Ceilteach dhen mheur Ghoidhealach a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhelach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann, agus Gàidhlig Mhanainn agus gu dearbh chan eil anns an fhacal \"Goidhealach\" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh \"Gàidhealach\".Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba."@gd . "Is e a tha ann am malairt an gniomh a bhitheas a' tachairt nuair a bhios duine a' ceannachd (rudan a tha dith orra) agus a' reic (rudan a th' acca air barrachd na tha dith orra)."@gd . "Is e gniomh a tha ann an fhoghlam. An gniomh a tha ann an ionnsachadh le amas a thogail comas-inntinn. Air feadh an t-Saoghal is ann air parantan a tha am priomh dleasdanas a thoirt foghlam ris an cuid cloinn. Ann an iomadh cultur, cuirear clann ri sgoiltean airson foghlum fhormail ann an leughadh, sgriobhadh agus aireamhachd.Ann an tirean bochda 's an treas domhain chan fhaigh h-uile paisde cothrom air a' bhun-fhoghlam a tha ann leughadh, sgriobhadh agus aireamhachd ach ann an tirean beartaich cuirear dleasdanas laghail air parantaibh a chuir an clann aca dhan sgoile. Ann an Alba (mar eisimplir de duthach a bhuineas don chiad domhain), is fheadar do clann eadar 5 agus 16 bliadhnaichean a dh'aois a bhi ann an fhoghlam lan t-side. Is ann leis an stait fhein a tha an cuid bu mhor ri na sgoiltean an Alba, tha iad maoinichte a-mach a cisean na duthcha agus chanar \"sgoiltean pobalach\" riu. Tha da rang de sgoil anns an t-siostam Albannach an drasda, bun-sgoiltean a bhitheas ag foghlam clann air fad na 7 bliadhnaichean eadar 5 agus 12 bliadhna dh'aois agus Ard Sgoiltean a bhitheas ri foghlam clann eadar 12 agus 18 bliadhna dh'aois, ged a tha e ceadaichte do oigridh a chuir cul ri foghlum na sgoile aig 16. Leanaidh clann air feadh Alba siollabus coitcheann 5-14, bho coig bliadhna dh'aois gu ceithir deug, cuairt-fhoghlaim a leanas a-steachd dhan ard sgoil. Aig toiseach an treas bliadhna ard-sgoile feumaidh do na sgoilearan roghainn 8 cuspairean fa-leth, a bhitheas iadsan a' leantainn chun ire coitcheann. Feumaidh an roghainn pearsanta gabhaila-steachd Matamataig, Beurla, aon saidheans, aon cursa teicniuil agus canan eile. Suidhidh na sgoilearan deuchainn airson barantas naiseanta aig an ire coitcheann aig deireadh an 4mh bliadhna (aois 16). As deidh deuchainn an ire coitcheann, roghnaichear suas ri 5 cuspair airson cursa chun Ard Ire. Is e deuchainn matriculation airson inntrigeadh do cursaichean oil-thigh a tha 's an Ard ire. Suidhear an Ard-ire aig 17 bliadhna dh'aois agus b'e seo an aois aig am biodh oileanaich Albannach gu traideasanta ag inntrigeadh oilthigh. Anns an latha an diugh, is abhaist do sgoilearan a' fanntainn 's an Ard sgoil bliadhna eile, a ghabhail tuilleadh cursaichean Ard-ire neo lionadh a-mach an cuid fhoghlam le cuspairean nach do rinn iad aig ire coitcheann 's a' chiad dol a-mach, neo a' leanntainn cursa nas adhartach ris an chanar \"Sar-ard ire\". Tha teagamhan mu deidhinn luach an cursa seo mu dheireadh o chionns gu bheil a h-inbhe gu ire mhor comh-sguabachd leis a' chiad bliadhna de sgrudadh oilthigh."@gd